An t-ionnsachadh òg, an t-ionnsachadh bòidheach !

Originally posted on Ceannard/Headteacher :

gaelic_school_1

’S gann gu bheil mi ga chreidsinn gu bheil mi air ais far an do thòisich mi o chionn seachd bliadhna air ais agus gun an togalach fiu deiseil nuair a thòisich mi nam dhreuchd ann an 2007. Bha e gu math tlachdmhor aig an àm sin a bhith coinneachadh ri na pàrantan a bha a’ riochdachadh na sgoile air Comhairle nam Pàrant agus sinn a’ faighinn cothrom tadhal air an làrach. Marsin bidh e air leth tlachdmhor dhomhsa coinneachadh ri na pàrantan a-nochd aig BSGI aig 7f agus cothrom fàilte a chur oirbh agus beagan craic is strùbag fhaighinn còmhla ribh! Feumaidh mi a radh ged-thà gur e a bhith faicinn na cloinne, nam measg feadhainn a bha mi ag aithneachadh, a thug an toileachas ‘s motha dhomh. Tha mi an dòchas eòlas a chur oirbh uile sna seachdainean a tha romhainn san teirm seo. Nach eil e math…

View original 263 more words

Sgiobadh air là spòrs airson am ‘British Heart Foundation’

This slideshow requires JavaScript.

Bu mhath leinn taing a thoirt dhan h-uile duine a thug airgead dhuinn fhad’s a bha sinn a’ gabhail pàirt anns an sgiobadh againn air an là spòrs againn. Chruinnich sinn £893.28. ‘S math a rinn gach duine agus tha sinn air leth taingeil airson an taic a thug sibh uile dhuinn.
Thàinig dithis bhon ‘British Heart Foundation’ a-steach an-diugh airson an seic againn fhaighinn as leth am ‘British Heart Foundation’.

We would like to thank everyone who sponsored us to skip on our Sports’ Day. We raised £893.28. Everyone did really well and we are very grateful for the support you all gave us.

Two people from the British Heart Foundation came to our assembly today to accept a cheque on their behalf.

Mòran Taing

Comhairle nan Sgoilearan

Gala

Tha buidheann (os leth Comhairle nam Pàrant) an dòchas ti/cofaidh a’reic aig Feit an t-Samhraidh as Di Sathairne 14 An t-Ogmhios. Tha iad a’sireadh taic bhuaibh; ceicean, milsean agus botail. Ma’s urrainn dhuibh cuideachadh an cur sibh iad gu Oifis na Sgoile. Mòran Taing.

 

The Fundraising Committee are hoping to do tea/coffee at the Gala day on Saturday 14th of June and are looking for donations of home baking and also bottles for the bottle stall. If you are able to help donations can be dropped off to the school office. Many Thanks.