Togar càrn mòr de chlachan beaga!
Dh’ fhaodar canail sa Bheurla – “Great oaks from little acorns grow” agus gu dearbh tha sin fìor mun sgoil seo, agus i sìor a’ dol am meud.  A’ leanntainn oirnn le gnathasan-càinnt, dh’ fhaodadh sinn cuideachd  “nach ann air a Ghàidhlig a thàinig an dà latha” a chanail agus sin a’ ciallachadh mar a tha rudan air atharrachadh ann an saoghal na Gàidhlig.   Abair cothroman a tha a’ chlann againn ann am BSGI a’ faighinn ’s iad ag èirigh suas a-measg na leasachaidhean Gàidhlig a thàinig gu buil fad na bliadhnaichean bhon thòisich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig!  Feadh an teirm seo fhèin, nach robh an sgoil air a’ riochdachadh sna “Dementia Awards” ‘s sgioba Cameron House air an duais “Best Innovation in Continuing Care”  fhaighinn an dèidh a chom-pàirteachas a bha eadar iad fhèin san sgoil ’s a’ chlann air P7  a’ tadhal air na còmhnaichean ‘s a’ còmhradh riutha sa Ghàidhlig.  Chithear tuilleadh mu seo air a’ cheangal gu h-ìosal:-

http://crossreach.org.uk/cameron-house-win-scotland%E2%80%99s-dementia-awards-2014

Tha P7 cuideachd a’ sàs anns an iomairt Cànanan 1+2, agus iad a’ toirt cuireadh do na sgoilearan air Clas 7 sna bun-sgoiltean eile san sgìre,  gu Latha Gàidhlig aig BSGI an ath teirm.    Thathar an dùil gum faigh na h-aoighean leasan Gàidhlig agus cothrom blasad-bìdh òrdachadh sa Ghàidhlig bhon chafaidh aca, an dèidh na cloinne a bhith a’ gabhail pàirt ann an spòrs sa Ghàidhlig.  Deagh iomairt gu dearbh agus iad a’ brosnachadh na sgoiltean eile gus a Ghàidhlig a thaghadh mar an dàrna cànan aig toiseach an t-slighe gu dà-chananas, nuair a bhios seo air a chur air bhonn gu nàiseanta a dh’ aithghearr,  airson a h-uile leanabh ann am  P1.

Sinn a dh’fhaodas a bhith uasal às a chlann againn ’s iad nan deagh thosgairean airson na Gàidhlig!      Seònaid NicLeòid

TOGAR

In English the equivalent of Togar càrn mòr de chlachan beaga” is “Great oaks from little acorns grow” and indeed it is very applicable to BSGI, with our numbers continually increasing. Also the idom “nach ann air a Ghàidhlig a thàinig an dà latha” (amusingly translated literally as “isn’t it on Gaelic that has come the two days”!)  indicates the changes that have happened in the world of Gaelic language and culture.    What great opportunities our BSGI children have been given and them growing up with the development of Gaelic medium education and experiencing the all the advantages of bilingualism.  In the course of this term, school representatives joined the team from Cameron House at the Dementia Awards where they won “Best Innovation in Continuing Care” as a result of their partnership with the school. P7 pupils visited the Cameron House residents throughout the year and spoke to them in Gaelic with this project aiming to continue in future years.  Congratulations to all and more details of the project are available from the link below:-

http://crossreach.org.uk/cameron-house-win-scotland%E2%80%99s-dementia-awards-2014

Primary 7 children are also involved with the P1+2 Languages project, with them inviting the other primary 7 children from our Associated School Group to attend a Gaelic Day at BSGI at the beginning of November.   They propose to give their guests a Gaelic lesson, some Gaelic sporting activities and an opportunity to use the Gaelic learnt to order a snack at the BSGI Gaelic càfe they intend to set up for the event.  A great enterprise indeed with our P7s encouraging the other schools to choose Gaelic as their second language when they embark on the road to bilingualism, when this initiative is implemented shortly in all Scottish primary schools for each child from P1 onwards.

We can indeed be proud of our children, as they truly are ambassadors for the Gaelic language!     Janet MacLeod

About Bunsgoil Ghaidhlig Inbhir Nis

Inverness Gaelic School

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s