Abair cola-deug trang a tha air a bhith againn! An toiseach bha sinn uile cho trang ag ullachadh airson Fèill na Nollaig, nuairsin thàinig Fèisean nan Gaidheal a-steach airson am Panto sònraichte aca, ‘Marsaili, a shealltainn dhuinn agus abair thusa gun robh e math! Bha Biadh Mòr na Nollaig againn agus bu mhath leinn uile taing mhòr a ràdh ri Audrey agus na còcairean eile airson am biadh blasta a rinn sibh dhuinn. Bidh sibh a’ smaointinn gun robh sin gu leòr ach cha robh sinne ach fiu ‘s a’ toiseachadh. An t-seachdain sa chaidh rinn sinn sia (leugh sibh sin ceart – SIA!!!!) consairtean Nollaig airson na mamaidhean, dadaidhean, seanairean, seanmhairean agus caraidean againn agus bha iad uile dìreach mìorbhaileach math! Dh’ obraich na sgoilearan agus an luchd-obrach uile gu math cruaidh ach bha a h-uile càil fìor, fìor mhath air na làithean fhèin. As deidh na bha sin de dh’ obair bha sinn uile feumachd air beagan fois, bha pàrtaidh aig gach clas agus tha sinn uile air a bhith ag obair air crafts brèagha anns na clasaichean againn. Bu mhath leinn taing mhòr a ràdh ri na pàrantan uile airson ar cuideachadh leis a h-uile càil a rinn sinn airson na Nollaig am bliadhna-sa! Bha na consairtean agus am Fèill Nollaig uile loma làn agus thug sibh tòrr stuth àlainn a-steach airson na hampers. Nollaig chrìdheil dhan a h-uile duine nuair a thig i agus bliadhna mhath ùr dhuibh uile!

What a busy fortnight we’ve had! Firstly we were all very busy preparing for the Christmas Craft Fayre, then Fèisean nan Gaidheal came in to show us their brilliant panto ‘Marsaili’. We then had had Christmas lunch and we would all like to say a huge big thank you to Audrey and the rest of the cooks for the tasty food that you all made for us. You would think that that was enough but we were just getting started. Last week we put on six (yes, you read that correctly – SIX!!!!) Christmas concerts for all our mums, dads, grannies, grandpas and friends and they were all absolutely fantastic! The pupils and staff all worked extremely hard but everything was wonderful on the days.  After all that work we all needed a bit of a break, all the classes have had a party and we have all been working on some lovely crafts within our classes. We would like to say a huge big thank you to all the parents for all the help with everything we have done for Christmas this year! The concerts and Christmas Fayre were all jam packed and you contributed some lovely things to our hampers. Merry Christmas to everyone when it comes and a very happy new year!

 

 

About Bunsgoil Ghaidhlig Inbhir Nis

Inverness Gaelic School

Leave a Reply

Fill in your details below or click an icon to log in:

WordPress.com Logo

You are commenting using your WordPress.com account. Log Out / Change )

Twitter picture

You are commenting using your Twitter account. Log Out / Change )

Facebook photo

You are commenting using your Facebook account. Log Out / Change )

Google+ photo

You are commenting using your Google+ account. Log Out / Change )

Connecting to %s