Being ùr

Mòran taing dha Tom Eglington agus Comhairle nam Pàrant airson a’ bheing chàirdeas ùr againn. Tha e a’ coimead gu math snog aig doras aghaidh na sgoile.

Many thanks to Tom Eglington of Tom’s Cap Cabin, and to the Parent Council for our new friendship bench. It looks great at the school front door.

Mòd Inbhir Nis

logo

Tha Mòd Inbhir Nis a’ dol air adhart air Dihaoine. Bidh cuid de sgoilearan BSGI a’ gabhail pàirt ann an co-fharpaisean a Mhòid. Bidh còmhlan-ciuil Clas 7 ann an co-fharpais aig mu 09:45 ‘s a mhadainn, agus an uairsin Clas 1, 1/2 , 2/3 agus 3 ann an co-fharpais aig mu 10:30m. Chan urrainn dhuinn a bhith cinnteach air na h-amannan, chì sinn dè cho luatha ‘sa bhios cùisean air an latha. Faodaidh pàrantan tighinn ann airson do phàist fhaicinn aig na co-fharpaisean, ach cuimhnich gum feum a h-uile duine pàigheadh airson a bhith a’ tighinn dhan Mhòd.

The Inverness Mòd is taking place on Friday. Some of the BSGI pupils will be taking part in Mòd competitions. The P7 Cèilidh band will be competing at around 09:45am, and then P1,1/2, 2/3 and 3 will be competing at around 10:30am. We can’t be sure of exact timings, we’ll just have to see if things run according to plan on the day. Parents may attend the Mòd to watch their child perform, but remember that there is an admission ticket price, whether you attend for one competition or for the whole day.

Duaisean Là Spòrs

An-diugh, aig co-thionnal, fhuair na sgoilearan a bhuannaich na rèisean air an Là Spòrs againn na buinn aca. Seo iad a’coimhead gu math pròiseil. Bha co-fharpais JRSO ann cuideachd an t-seachdain seo, agus bhuannaich cuid glag airson am baidhsagal aca le na dealbhan snog a rinn iad.

Today at assembly, the children who won the flat races during Sports Day, received their medals. Here they are looking very proud. There was also a JRSO car competition this week, and with the lovely drawings they made, some of the children won a new bell for their bikes.

Là Ospais na Gàidhealtachd BSGI

Bha latha trang anns an sgoil air Diciadain le tòrr tachairteasan ann airson Là Ospais na Gàidhealtachd. Bha tòrr spòrs aig na sgoilearan, gu h-àraid nuair a bha an ‘Dùbhlan Custard’ ann feasgar. Fhuair Miss Campbell, Miss MacLean agus Mrs MacVicar barrachd bhòtaichean na na tidsearan eile agus mar sin bha iad air an còmhdachadh le custard. Abair spòrs! ‘S math a rinn Miss Campbell agus Miss MacLean airson an latha air fad a chur air dòigh leis an sgioba Carthannasan, agus na clasaichean aca fhèin cuideachd. Chruinnich iad £710.96 airson an Ospais. Mòran taing dhan a h-uile duine a ghabh pàirt agus a thug a-steach airgead airson an latha.

BSGI had a busy day on Wednesday with lots of activities happening for the Highland Hospice day. The pupils had great fun, especially in the afternoon during the Custard Challenge. The teachers with the highest number of votes were Miss Campbell, Miss MacLean and Mrs MacVicar, and were therefore covered in custard. They were great sports! Well done to Miss Campbell and Miss MacLean for organising the day, along with their classes and the Charities committee. £710.96 was raised for the Highland Hospice! Many thanks to all those who took part in the day.