Eco

Winter7

Rinn am buidheann Eco £52 eile leis an aodach anns am biona ‘Rag bag’ againn. Dìreach sgoinneil! J

The Eco committee has raised another £52 from the clothes in the ‘Rag bag’ bin. This is great! J

 

Tapadh leibh airson ar cuideachadh.

Thank you for all your donations.

Là Ospais na Gàidhealtachd

532810-10150766174162621-659648436-n

An ath Diciadain, 7mh den t-Òg Mhìos, bidh Là Ospais na Gàidhealtachd againn san sgoil. Tha sinn a’ cruinneachadh airgead airson Ospais na Gàidhealteach le diofar gnìomhan agus rudan spòrsail a bhios a’dol air an latha sin. Airson £1, faodaidh sibh aodach buidhe a chur oirbh dhan sgoil. Airson 50sg, faodaidh sibh sìol a chuir ‘sa ghàrradh chluich. Bidh peant aodann ann agus peantadh ìnean ann airson 50sg, agus faodaidh sibh cuideachd bailiùn a cheannach le teachaireachd snog air airson £1. Bidh cuideachd ‘Dùbhlan  Custard’ ann. Faodaidh sibh bhòtadh airson tidsear le £1, agus bidh an tidsear leis an àireamh as motha de bhòtaichean a’faighinn bucaid custard air a dhòrtadh thairis orra. Faodaidh sibh cuideachd cèicean a thoirt a-steach airson an reic. Abair tòrr stuth Spòrsail! Cuimhnichibh beagan airgead a thoirt a-steach airson an latha sin.

Next Wednesday, 7th June, there will be a Highland Hospice Day in the school to raise some money for the Highland Hospice. There will be lots of activities for the children to get involved in, to raise money. The school will be having a yellow theme on the day, so all children are encouraged to wear yellow clothing, for which they would pay £1. The children can plant seeds or bulbs in the playground for 50p. There will be face painting and nail painting stalls, both costing 50p. For £1, the children may also buy a balloon with a special message written on it. We will also have the Custard Challenge in the afternoon. The children can pay £1 to vote for a teacher of their choice. The teacher with the highest number of votes will have custard poured over them on the day. The children may also bring in cakes to be sold. What a lot of fun! Remember to bring in some money on the day, to take part.

Co-thionnal 2.6.17

Seo agaibh cuid à clas 1-3 le na teisteanasan aca bhon diugh. Fhuair iad na teisteanasan airson modh, adhartas, deagh Ghàidhlig a bhruidhinn agus tòrr eile. Nach iad a rinn math. Cuideachd, rinn an Comataidh JRSO clas 4-7 dealbh-cluich dhuinn a bha ag innse mu dheidhinn a bhith sàbhailte a’dol tarsainn an rathad.

Here are the children from P1-3 who received certificates today at assembly. The certificates were given for good behaviour, progression and good Gaelic, amongst other things. Also, the P4-7 JRSO committee prepared a short play to tell us about how best to stay safe when crossing the road.

Cuach na Cloinne

Rinn an sgioba ball-coise BSGI fìor mhath aig Cuach na Cloinne air Dimàirt, a’ faighinn an dàrna àite a-mach à 60 sgiobaidhean! ’S math a rinn sibh!

Bha deagh fharpais sna Cuairtean Deireannach, a chumadh aig pàirce Caledonian Thistle F C Inbhir Nis, agus, aig deireadh na farpais, b’ iad Bun-sgoil Taobh na Pàirce a thàinig am bàrr, le Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis san dàrna àite. A dh’ aindeoinn fìor dhroch aimsir bha deagh chluich aig na sgiobannan air fad agus bha e na thlachd a bhith gan èisteachd agus iad a’ conaltradh le chèile cho siubhlach sa Ghàidhlig.

 

The BSGI football team did very well at Cuach na Cloinne on Tuesday afternoon, coming in second place out of 60 teams. Well done BSGI! Bun Sgoil Taobh na Pàirce from Edinburgh, came in first place. Despite some bad weather, all who took part enjoyed playing and getting to know Gaelic speaking children from other schools.

Là Spòrs

Abair Là Spòrs soirbheachail a bh’againn an-diugh. Mòran taing dha uile na pàrantan a thàinig ann airson beagan cùl-taic a thoirt gun a clann uile. Cuideachd, mòran taing agus glè mhath gun a pàrantan a ghabh pàirt anns na rèisean! Nach sibh a rinn math. Bha geama ’rounders’ againn feasgar le clas 7 an aghaidh na tidsearan. ‘S e geama sgoinneil a bh’ann agus bhuannaich na tidsear! Chòrd an latha rinn uile agus tha mi cinnteach gun cadail sinn uile gu math a-nochd.

What a successful Sports Day we had today. Many thanks to all the parents who came along to show their support for the children. Also, many thanks and well done to the parents who took part in the races! In the afternoon we had a big rounders games with P7s against the teachers. It was great fun, and the teachers actually won! We all thoroughly enjoyed the day and I’m sure we’ll all sleep well tonight.

Là Spòrs

happy-children-running-illustration-48731115

Bidh Là Spòrs againn a’ gabhail àite air Dimàirt 30mh den Chèitean, an ath sheachdain. Tòisichidh sinn aig 09:30 ‘sa mhadainn agus bidh na rèisean uile deiseil aig meadhan latha. Feumaidh a h-uile duine tighinn dhan sgoil air Dimàirt san aodach cleasachd aca. Cha bhi ùine againn airson faighinn deiseil ‘s a mhadainn mus tòisich sinn. Faodaidh pàrantan tighinn ann aig 09:30 airson coimhead air na rèisean agus air na clann aca a’ gabhail pàirt ann an spòrs eile. Bidh cuideachd rèis ann airson na pàrantan, feuch gum bi sibh deiseil airson gabhail pàirt!

The School Sports Day is taking place on Tuesday 30th May, next week. The sports day activities will be starting at 09:30 and should finish at midday. All the children must come to school wearing their PE clothes. We will not have enough time in the morning to get everyone changed before the Sports Day events start. If your child needs to use the PE clothes in the school, they must be sure to take it home with them on Monday so as to be ready for Tuesday. Parents may come along to watch the Sports day events at 09:30. There will also be a parents race after the children have competed so be sure to bring your trainers!

Banca – bìdh na Gàidhealtachd

DSC_0014

Mòran taing dhan a h-uile duine a thug a-steach cereal no tionaichean iasg airson an seachdain agair sgoiltean aig Banca-bìdh na Gàidhealtachd. Thàinig iad an-diugh airson a bhiadh a thogail agus b’fheudar dhaibh seachd bogsaichean a chleachdadh airson am biadh air fad a thoirt air falbh!

Many thanks to all those who brought in cereal or tins of fish for the Highland Foodbank’s Schools Appeal week. Staff from the foodbank came to collect the food today and they filled seven crates with our donations! Well done, BSGI!

Co-thional  26.5.17

 

Seo agad na sgoilearan a fhuair teisteanasan an t-seachdain seo. Nach iad a tha a’ coimhead pròiseil. Fhuair sgoilear bho clas 4 Cupa na Gàidhlig airson an te no fear a bha a’ bruidhinn deagh Ghàidhlig fad na seachdain.

Here are this week’s certificate recipients. Don’t they look proud! The Gaelic Cup was also given in Primary 4 to the girl or boy who made an effort to speak lots of Gaelic throughout the week.

Uachdair grèine

smiling-sun-face-in-sunglasses

Thathar ag ràdh gum bi e gu math teth agus grianach a-màireach. Feuch agus uachdair grèine a chur oirbh ‘s a madainn, no a thoirt dhan sgoil! Taing.

The forecast is set to be hot and sunny tomorrow. Try to put on some sun cream in the morning or bring some with you to school, so as to avoid lots of sore, red faces! Thanks.